Dòmhnall Meek aig Fèis Leabhraichean Ulapuil

Dòmhnall Meek aig Fèis Leabhraichean Ulapul 06/05

Disathairne 6 Cèitean - Talla Ulapuil. 3.30f

Tiogaidean: £8 (ri fhaighinn an seo)

'S e Tirisdeach a tha ann an Dòmhnall Eachann Meek, ach 's ann air an tìr mhòr a chuir e seachad a' mhòr-chuid den a' bheatha phroifeiseanta aige. Bha e a' teagaisg cànain agus litreachas Ceilteach aig oilthighean Ghlaschu, Obair Dheathain is Dhùn Èideann agus bha e na Àrd-Ollamh ann an oilthighean Obair Dheathain (1993-2001) is Dhùn Èideann (2002-2008). Tha e air iomadh leabhar agus iris fhoillseachadh agus tha ceum 'Doctor of Letters' aige bho oilthighean Ghlaschu agus Cambridge. Chaidh a' chiad leabhar bàrdachd aige, Sreathan anns a' Ghainmhich, fhoillseachadh le Acair san Fhoilleach 2017, agus bidh leabhar Beurla a' nochdadh san àm ri teachd.

Bidh Mark Wringe na chathair aig an tachartas seo.



A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: