Fèis Leabhraichean Inbhir Narainn 2017

Fèis Leabhraichean Inbhir Narainn 2017

11.00m – 12.00f, Dihaoine 15 Sultain, Talla Coimhearsnachd Inbhir Narainn
Mil San Tì? - Seonag Monk
Tiogaidean £8 / £3 - rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise

’S ann à Beinn Na Faoghla a tha Seonag Monk. Tha i air a bhith a’ sgrìobhadh airson còrr is fichead bliadhna agus chaidh a’ chiad nobhail shlàn aice, Mil san Tì fhoillseachadh aig deireadh 2016. ’S e sgeul geur, èibhinn a th’ ann mu dheidhinn beathannan triùir peathraichean-chèile eadar-dhealaichte, a tha a’ coimhead ‘àbhaisteach’ bhon taobh a-muigh ach a tha, gu dearbh, gu math tro-chèile.

Bidh eadar-theangachadh mar aon aig an tachartas seo dhaibhsan nach eil buileach fileanta sa Ghàidhlig.

**Bidh buidheann còmhraidh Gàidhlig a' coinneachadh às dèidh an tachartais seo, ann an Café na Fèise eadar 12.00-1.00f. Fàilte air daoine aig a h-uile aois / ìre.**


 6.00f, Dihaoine 15 Sultain, Taigh-òsta Newton, Inbhir Narainn
Le Mùirn - Mairead NicLeòid, Catrìona Mhoireach & Iseabail Mhoireach
Tiogaidean £8 / £3 - rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise

Tha an tachartas seo a’ comharrachadh leabhar air a choimiseanadh le Ceòl ’s Craic, a tha a’ leantainn a’ chàirdeis eadar Murchadh MacPhàrlain “Bàrd Mhealaboist” agus Mairead NicLeòid bho Na h-Òganaich. Bidh còmhradh ann an cuideachd Mairead, an t-ùghdar Catrìona Mhoireach agus Iseabail Mhoireach, air an leantainn le seisean Cheistean is Fhreagairtean agus cuid de na h-òrain a tha nan dìleab mhaireannaich don cho-obrachadh eachdraidheil seo.

Bidh eadar-theangachadh mar aon aig an tachartas seo dhaibhsan nach eil buileach fileanta sa Ghàidhlig.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: