Sgoilearachd Foillseachaidh Gàidhlig

Sgoilearachd Foillseachaidh Gàidhlig

AITHISG LE LIAM CROUSE

B' ann gun do thog mi ùidh sa Ghàidhlig an tòiseachd rè cùrsa fo-cheumnach ann an Ceiltis agus Arc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann. Gu h-àraidh, b' e an dà stoidhle ruisg - an sgeulachd ghoirid agus an nobhail, a leasaich na sgilean-cànain agam agus a phriobaich m' ùidh ann an litreachas na Gàidhlig. Ach an dèidh dhomh ceumnachadh, agus mise a' tilleadh dhachaigh don Eilean Ròdach sna Stàitean, thòisich mo chuid Ghàidhlig a' crìonadh. San àm ud, dh'fheuch mi ri bhith ga cumail an-àirde, agus b' e an litreachas - rosg 's bàrdachd - a shàbhail i. B' ann san uair sin a mhothaich mi cho cudromach 's a tha litreachas do mhion-chànan sam bith - chan ann dìreach airson a' chultair, ach airson cleachdadh agus fàs.

            Seach mar a tha saoghal foillseachadh na Beurla (bu dòcha agus cus leabhraichean ann), san t-saoghal Ghàidhlig tha sinn a' cur feum air tuilleadh - tuilleadh leabhraichean 's ùghdaran 's foillsichearan 's taic. B' e sin aon chùl-rùin airson sgoilearachd Chomhairle nan Leabhraichean a chur air dòigh. Ri linn nan deich bliadhna a dh'aom, bhathar a' cur cuideim air cruthachadh stòras ruisg. Ged a tha sin fhathast cudromach, thathar cuideachd a' feuchainn ri dòighean eile gus foillseachadh Gàidhlig a neartachadh. Tro chùrsa Oilthigh Shruighlea, fhuair mi eòlas a bha ag amas gu sònraichte air a' ghnìomhachas foillseachaidh. Bha clasaichean ann air ro-innleachd margaidheachd, eòlas gnìomhachais, sgilean didseatach agus foillseachadh agus iad a' freagairt air a chèile ann an dòigh lèirsinneach agus tharraingeach.

            Tharraingeadh na sgilean ùra seo còmhla airson na pròiseict fhoillseachaidh agam - app a bha a' toirt luaidh air dinndsheanachas Dhonnchadh nan Òran ann an sgìre a dhùthchais air Slighe an Iar na Gàidhealtachda. Thugadh dhomh duais airson nua-smaoineachadh didseatach leis an app seo (Faber & Faber prize for digital innovation).

            Aig deireadh mo chùrsa, sgrìobh mi tràchdas a-mach air margaid leabhraichean Gàidhlig, a' leigeil leam m' ùidh ann an gnìomhachas agus margaidheachd a chur rim' dhealas 'son na Gàidhlig.

            Ri linn na cùrsa, bhithinn cuideachd a' gabhail ghreis-gnìomhachais ri foillsichearan. Chuir Comhairle nan Leabhraichean dà dhiubh air dòigh dhomh - tè aig Acair agus tè aig Grace Note Publications. Fhad 's a bha mi ag obair aig Grace Note, chuidich mi le eadar-theangachadh leabhar-cloinne a thàinig a-mach san t-Samhain, 2014. A bharrachd air na foillsichearan Gàidhlig, fhuair mi greis-gnìomhachais aig HarperCollins ann an Drochaid an Easbaige, ag obair air faclairean dà-chànanach. Eadar obraichean nan companaidhean mòra agus beag, Beurla agus Gàidhlig, b' e coimeas gu math inntinneach dhomh a thaobh dhòighean-obrach, fheallsanachd agus eile a bh' ann.

            San Dùbhlachd, 2013, fhuair mi cothrom eile a bharrachd 'son a bhith dol an sàs ann am foillseachadh Gàidhlig, an triop-sa lem' làimh fhèin na bu theinne air an stiùir, dar a sgaoileadh an naidheachd mu stad Chothrom. Dh'èirich buidheann bheag de shaor-thoilich mu choinneimh a' chàis agus sinne a' stèidheachadh ciad iris-d na Gàidhlig, Dàna. Tha a' bhliadhna a dh'aom air a bhith gu math inntinneach agus còrdail, a' leigeil leam na sgilean a dh'fhoghlam mi a chur an sàs sa phròiseact. Saoilidh mi gu bheil sgioba Dhàna ag obrachadh airson litreachas na cànain a thoirt air aghaidh agus tha sùil againn gum bi sinn a' leadachadh ruigheachd na h-irise sna bliadhnaichean ri thighinn. Cùmaidh i mi trang co-dhiù!

            Bha an sgoilearachd 's an cùrsa an dà chuid smaoineachail is dòigheil. Do na daoine aig am bitheadh sùil a dh'fhoghlam foillseachadh: chan ann a-mhàin gum beir e deagh thoinnisg gnìomhachais do librophile, ach bheir e dhuibh an t-eòlas agus na ceanglaichean a leigeas leibh a dhol an sàs sa ghnìomhachas fhèin.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: