AquAid

AquAid

Tha sinne aig Comhairle nan Leabhraichean a’ tuigsinn gu bheil a bhith a’ cumail ar luchd-obrach le uisge ri làimh, a’ dol gan cuideachadh ann an dleastanasan a choileanadh chun na h-ìre as àirde tron latha obrach aca. Mar thoradh air an sin, tha sinn air cur romhainn sèisteadh ann am fuaraichearan uisge bho AquAid – tha an dàimh sònraichte a th’ againn le AquAid air cothrom a thoirt dhan chompanaidh againn cobhair a dhèanamh orrasan nach eil cho fortanach rinn fhèin.

Tha ar co-dhùnadh a thaobh fuaraichear uisge bho AquAid a chur an sàs a’ ciallachadh gu bheil sinn air £20 sa bhliadhna a thoirt do Urras Afraga tron aon inneal a th’ againn.  Tro ar tabhartasan do Urras Afraga, tha ‘Pumpa Ailbhein’ ga stèidheachadh às ar leth ann an Afraga. Cuiridh am pumpa seo a-mach uisge ùr glan air a bheil mòr-fheum, agus bheir sin feabhas air gnè-beatha nan daoine aig am bi cothrom air an tobair againn a chleachdadh.

Bidh ainm a’ chompanaidh againn air a thaisbeanadh gu follaiseach air an tobair againn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri beagan dheilbh agus litrichean a’ toirt seachad taing bho na bailtean, a chur air an làraich againn ann an ùine nach bi fada.

Tha AquAid, còmhla ri a dlùth-chompanaidh Perfect Printer Cartridges, air 6 Millean Nota a thoirt do charthannas gu ruige seo. 

We Support AquAid and Perfect Printer Cartridges
Helping donate over £6 million to Christian Aid and The Africa Trust

 

Our Water Cooler is from AquAid

 

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: