Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain, 1937-2017

Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain, 1937-2017


Bha Comhairle nan Leabhraichean air leth duilich an naidheachd a chluinntinn gun do chaochail Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain, sgrìobhadair, craoladair agus leasaiche cànain, air 31 Lùnastal 2017.

Chuir e seachad làithean òige anns na Hearadh agus ann an Uibhist a Tuath, agus an dèidh dha ceumnachadh bho Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Chnoc Iòrdain, thill e a dh’Uibhist a theagasg aig Sgoil Cheann a’ Bhàigh. Chaidh e an uair sin gu Roinn na Gàidhlig aig a’ BhBC is às an sin a-null a Chanada far an robh e ag obair grunn bhliadhnaichean an sàs ann an obair conaltraidh do dh’Ùghdarras Atamach Chanada. Thill e a dh’Alba aig deireadh nan naochadan is chaidh e na Iar-stiùiriche air an CCG, agus b’ ann an uair sin a bha e na bhall de bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean eadar 1998 agus 2003.

Bha Seonaidh Ailig cuideachd ainmeil mar sgrìobhadair is choisinn e Crùn na Bàrdachd aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Sruighlea ann an 1961. Sgrìobh e eachdraidh a bheatha san leabhar, Steall à Iomadh Lòn (CLÀR), a nochd le mòr-chliù ann an 2011.

An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, thill Seonaidh Ailig a’ Cheap Breatann cuide ri bhean, Eilidh, agus tha sinn a’ cuimhneachadh oirrese agus air an teaghlach ann an Alba agus ann an Canada.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: