Bùithtean-obrach airson Luchd-ealain sa Ghàidhlig

Bùithtean-obrach airson Luchd-ealain sa Ghàidhlig

Tha Theatre Gu Leòr a’ cuir air bhog iomairt leasachaidh ùr, STARAN, le sreath de bhùithean-obrach aig Conservatoire Nàiseanta na h-Alba airson cleasaichean is luchdealain ag obair sa Ghàidhlig, a’ tabhachd cothrom air leth bhith trèanadh le eòlaichean agus sgilean proifeiseanta a leasachadh.


Dannsa-ceum ann an Co-theacs Aimsireil - Sophie Nic Steaphain
Às dèidh dhaibh na ceumannan tòiseachaidh ionnsachadh, bidh compàirtichean a’ sgrùdadh far an gabh dannsa ceum traidiseanta a chleachdadh ann an cotheacs tèatar aimsireil, a’feuchainn a-mach comasan cruthachail agus ruitheamail.
30mh den t-Sultain & 1d den Damhair | 10m-5f RCS Wallace Studios aig Spiers Locks

Complete Vocal Technique - Mìcheal Hill
Le CVT, a tha steidhichte air rannsachadh saidheansail, gheibh na compàirtichean tuigs’ agus smachd air a’ ghuth agus ionnsaichidh iad dòighean eifigeach bhith seachnadh sgìths fhads a tha iad a’ ruighinn àrd ìre nan comasan.
21mh & 22mh den Damhair | 10m-5f RCS Wallace Studios aig Spiers Locks

Leasachadh Sgriobt - Màiri Sìne Chaimbeul agus Lynda Radley
Gheibh na compàirtichean an cothrom rannsachadh a dhèanamh air sgriobt ùr sa Ghàidhlig agus sùil mhionaideach fhaighinn air a’ phàirt chudromach seo dhen obair a tha an cois bhith sgrìobhadh sgriobt dràma.
4mh & 5mh den t-Samhain | 10m-5f RCS Wallace Studios aig Spiers Locks


Chan eil mòran àiteachan ann agus ’s urrainn dha daoine àite fhaighinn airson na trì bhùithean-obrach no gach bùth-obrach a-mhàin. Airson an tuilleadh fios no airson àite fhaighinn, thig gu làrach-lìn Theatre Gu Leòr no cuir fios gu Seona.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: