Co-fharpais Sgrìobhaidhean-siubhail

Co-fharpais Sgrìobhaidhean-siubhail

Siubhail an t-Saoghal...agus Sgrìobh!


A bheil thu am beachd do chasan a thoirt leat am bliadhna?

Chaidh a’ chiad chunntas-siubhail sa Ghàidhlig, A’ Toirt Mo Chasan Leam le Maureen NicLeòid, fhoillseachadh an-uiridh agus tha sinn airson tuilleadh dhaoine a bhrosnachadh gus sgrìobhadh mu dheidhinn siubhail.

Ge b’ e càite an tèid thu tron t-samhradh – bothag no carabhan air an North Coast 500, teanta aig fèis-ciùil, taigh-òsta air an Costa del Sol no yurt ann an Àisia – tha sinn airson cluinntinn mu dheidhinn!

Cò ris a bha an sgìre agus na daoine coltach? An do thachair dad a-mach às an àbhaist fhad ’s a bha thu ann? An robh cleachdaidhean sònraichte anns an sgìre? An do dh’ith no an do dh’òl thu biadh/deoch neo-àbhaisteach? An do thog thu facal no dhà ann an cànan eile? Am moladh tu an sgìre do luchd-turais eile?

Faodaidh tu eisimpleir de bhlog a leughadh an seo, a sgrìobh Micaela Ash, oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, mu dheidhinn turais a ghabh i gu na Ranntairean Palastaineach.

Nì sinn cruinneachadh de na pìosan sgrìobhaidh agaibh agus thèid am foillseachadh air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean ann an cruth leabhar-d.

Cuiridh sinn fàilte air pìosan-sgrìobhaidh ann an cruth sam bith – blog, bàrdachd, òran, aithisg, dealbh-chluiche no fiù ’s vlog!

Feumaidh pìosan-sgrìobhaidh a bhith eadar 500-1000 facal agus faodar an sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig a-mhàin no dà-chànanach.

Chan eil e gu diofar dè an ìre aig a bheil a’ Ghàidhlig agad – thèid deasachadh a dhèanamh air a h-uile pìos mus tèid iad air-loidhne. Nach feuch thu e!

Cuiribh pìosan-sgrìobhaidh (agus dealbhan!) gu Shelagh ro 31 Lùnastal.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: