Leum dhan Leabhar

Leum dhan Leabhar

Ma tha fèill-reic gu bhith aig an sgoil agaibh ro làithean-saora an t-samhraidh, cuimhnichibh gu bheil club leabhraichean do sgoiltean aig Comhairle nan Leabhraichean, Leum dhan Leabhar.

Tha Leum dhan Leabhar coltach ri clubaichean-leabhraichean eile ann an sgoiltean – bidh tidsearan a' cur a dh'iarraidh taghadh de leabhraichean Gàidhlig a ghabhas a thaisbeanadh aig tachartasan sònraichte, leithid fèisean, oidhche nam pàrant, no làithean fosgailte. Bidh sinn a’ cur measgachadh de leabhraichean gu sgoiltean – ficsean agus neo-fhicsean – a bhios ag amas air aoisean eadar-dhealaichte, bho chròileagan gu àrd-sgoilearan. Faodaidh sgoilearan agus pàrantan leabhraichean a thaghadh agus òrdan a chur thugainn tron sgoil. Togaidh Comhairle nan Leabhraichean na bogsaichean às dèidh an tachartais agus cuiridh sinn na leabhraichean a chaidh òrdachadh air ais dhan sgoil cho luath ’s a ghabhas.

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ dèanamh sgrùdadh air na leabhraichean a thèid a chur gu sgoiltean gu cunbhalach, gus a bhith cinnteach gum bi sgoiltean a’ faighinn nan tiotalan as ùire, air am bi na sgoilearan measail. Bidh sinn ag iarraidh air sgoiltean fios a chur thugainn co-dhiù mìos air thoiseach air an tachartas, ach an tèid againn na leabhraichean a chur thugaibh ann an àm.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Leum dhan Leabhar no airson bogsa leabhraichean fhaighinn, cuiribh fios gu Shelagh Chaimbeul, Oifigear Reic is Margaideachd no fòn gu 0141 337 6211.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: