Cathraiche airson a' Bhòrd-stiùiridh

Dreuchd - Cathraiche a' Bhùird

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ sireadh Cathraiche airson a bòrd-stiùiridh.

Tha Bòrd-stiùiridh a' chompanaidh carthannais Comhairle nan Leabhraichean / The Gaelic Books Council nan Urrasairean airson adhbhar lagh carthannais.

Tha Cathraiche a’ Bhùird air fhastadh airson trì bliadhna sa chiad àite, ach faodaidh iad frithealadh airson dà bhliadhna a bharrachd ma dh'aontaichear ris an sin gu h-aon-ghuthach.

Tha coinneamhan Comhairle / Bùird gan cumail ceithir tursan sa bhliadhna ann an co-rèir ri stiùiridhean Alba Chruthachail agus Bhòrd na Gàidhlig. Bidh fo-chomataidh (Comataidh nan Tabhartas) a' coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna gus dèiligeadh le iarrtasan bho ùghdaran agus foillsichearan a thaobh thabhartasan is bharantasan. Ged nach eil Comataidh Sgrùdaidh is Ìocaidh air a stèidheachadh, bidh na buill a' coileanadh ath-sgrùdadh tuarastail gach bliadhna a rèir Poileasaidh Pàighidh Riaghaltas na h-Alba agus bidh ionmhas na companaidh air ath-sgrùdadh aig coinneamhan a' Bhùird.

Bidh an Cathraiche a' faotainn cosgaisean siubhail airson coinneamhan.


Bu chòir tagradh airson na dreuchd a chur a-steach, agus litir a’ mìneachadh carson a tha thu freagarrach airson na dreuchd seo agus mar a chuireas tu ri obair is lèirsinn Chomhairle nan Leabhraichean.

Is e Dihaoine 26 Cèitean 2017 an latha deireannach airson tagraidhean, agus bu chòir an cur gu:

Rosemary Nic a’ Bhàird, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu, G11 5QP.

No gu h-eileagtronaigeach gu Rosemary Nic a' Bhàird

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: