Dùbhlan-Leughaidh a' Chiad Mhinisteir

Dùbhlan-Leughaidh a' Chiad Mhinisteir

Dùbhlan-Leughaidh a' Chiad Mhinisteir 2017

A bheil an sgoil agaibh a’ gabhail pàirt ann an Dùbhlan-Leughaidh a’ Chiad Mhinisteir? Ma tha, a bheil iad air na leabhraichean Gàidhlig air an liosta a leughadh?

Tha sinne aig Comhairle nan Leabhraichean airson clann ann am bun-sgoiltean a bhrosnachadh gu molaidhean a dhèanamh air na leabhraichean Gàidhlig is fheàrr leotha. Dh’fhaodadh na leabhraichean siud a nochdadh air liosta an Dùbhlan-Leughaidh an ath bhliadhna.

Ma tha sgoilearan airson lèirmheas goirid a sgrìobhadh air leabhar Gàidhlig sam bith a chòrd riutha, bhitheamaid ro thoilichte an cur air an làrach-lìn againn. Thèid cruinneachadh de na lèirmheasan a sgaoileadh air na sgoiltean a ghabhas pàirt anns an iomairt seo cuideachd, gus am faigh clann molaidhean bho sgoilearan ann an sgoiltean eadar-dhealaichte air leabhraichean Gàidhlig a chòrd riutha.

Ma tha ùidh aig sgoilearan anns an sgoil agaibh ann a bhith nam breithnichean-litreachais, cuiribh lèirmheasan gu Shelagh Chaimbeul, Oifigear Reic is Margaideachd (shelagh@gaelicbooks.org), suas gu 31 Cèitean.

Tha tidsearan agus sgoiltean cuideachd a’ faighinn an cothrom a bhith an làthair aig tachartas sònraichte airson an Dùbhlan-Leughaidh a chomharrachadh anns an Ògmhios – faodar iarrtas a chur a-steach airson àite a ghlèidheadh an seo


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: