An t-Ollamh Domhnall MacAmhlaigh, 1930-2017

An t-Ollamh Domhnall MacAmhlaigh, 1930-2017

An t-Ollamh Domhnall MacAmhlaigh, 1930-2017

Bha luchd-obrach agus bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean air leth duilich an naidheachd a chluinntinn gun do chaochail an t-Ollamh Domhnall MacAmhlaigh, sàr-bhàrd agus sgoilear na Gàidhlig aig toiseach a’ Mhàirt 2017.

Rugadh an t-Oll. MacAmhlaigh ann am Beàrnaraigh Leòdhais ann an 1930, agus rinn e a dhachaigh ann an Dùn Èideann cuide ri bhean, Ella, agus an dithis chloinne. Chuir e seachad bliadhnaichean a’ teagasg ann an Colaiste na Trianaid, Baile Átha Cliath agus ann an Oilthighean Dhùn Èideann is Obar Dheathain mus do leig e seachad a dhreuchd mar Ollamh ann an Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1996. Bha e na bhall de bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean o thòisich a’ Chomhairle ann an 1968, agus na Chathraiche bho 1991, gus an do sheas e sìos ann an 1996, is leis an sin bha an t-Oll. MacAmhlaigh na bhall dhen Chomhairle na b’ fhaide na neach sam bith riamh.

Thug e a-mach a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aige, Seòbhrach às a’ Chlaich (Gairm) ann an 1967, agus an dàrna cruinneachadh aige, Deilbh is Faileasan (Acair) ann an 2008. Bha e cuideachd na fhear-deasachaidh air The Celtic Languages (Cambridge University Press, 1992) agus Nua-bhàrdachd Ghàidhlig (Canongate, 1976), duanaire cudromach a thug còmhla airson a’ chiad uair còignear de na bàird Ghàidhlig a b’ ainmeile san nòs ùr: Somhairle MacGill-Eain, Deòrsa Mac Iain Deòrsa, Iain Mac a’ Ghobhainn, Ruaraidh MacThòmais agus Domhnall MacAmhlaigh fhèin. Nochd a bhàrdachd cuideachd ann an iomadach iris agus duanaire thairis air na bliadhnaichean.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air teaghlach an Oll. MacAmhlaigh aig an àm dhuilich seo.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: