Acair aig 40

Acair aig 40 - Brath Naidheachd

Meal-a-naidheachd air Acair – fhathast a’ dol an-dèidh 40 bliadhna!!
Le Ceitidh Laing

Meal-a-naidheachd air Acair, foillsichear beag cumhachdach, stèidhichte ann an Steòrnabhagh aig toiseach bliadhna far a bheil iad a’ comharrachadh 40 bliadhna san obair.
Dh’èirich Acair a-mach às a’ Phròiseact Dà-chànanach, stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar ann an 1975, agus bha dithis air a’ chùl – Iain Moireach, a bha na dheasaiche air Comhairle nan Leabhraichean, mus tàinig e gu bhith na stiùiriche air a’ Phròiseact Dà-chànanach, agus an t-Oll Fionnlagh MacLeòid, saidhc-eòlaiche ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean.
Thuig an dithis gu feumte leabhraichean Gàidhlig do chlann fhaighinn ann an cabhaig, agus fhuair iad taic bho ghrunnan bhuidhnean nam measg Bòrd Leasachaidh a’ Ghàidhealtachd `s nan Eilean agus An Comunn Gàidhealach. Còmhla ri Comhairle nan Eilean, b’ iad a stèidhich Acair.
Fhuaireadh maoineachadh bho Chomhairle nan Leabhraichean, a tha fhathast a’ cumail taic ri Acair le tabhartasan foillseachaidh, agus bho Chomhairle Ealain na h-Alba.
Chaidh an companaidh a stèidheachadh san Dùbhlachd 1977, agus `s ann aig an seann morgue aig Ceàrnag Phearsabhal, Steòrnabhagh a bha a chiad oifisean. `S e Iain a’ chiad chathraiche ach cha b’ fhada gus an tug e an stiùir do dh’Fhionnlagh. Bha an Neach-cunntais Jack Kernahan ag obair gu dlùth leis a’ chompanaidh ùr.
Chaidh a’ chiad coinneamh fhoirmeil a cumail air 27 Giblean 1978 agus aig an àm bha manaidsear agus cuidiche clèireachd aig Acair — Calum Greumach agus Màiri NicGumaraid.
Às-dèidh Chaluim thàinig Jo NicDhòmhnaill agus às a dèidh-se thàinig Agnes Rennie, bho 1982 gu ‘92. Nuair a dh’fhalbh Agnes thàinig Seonag Mhoireasdan, agus an uair sin Norma NicLeòid a bha na deasaiche agus na manaidsear. An uair a leig Norma dhi a dreuchd ann an 2010, thill Agnes agus `s i am manaidsear a th’ann an-diugh. Thòisich Acair le dithis luchd-obraich agus a-nis tha ceathrar ag obair ann làn-ùine agus lìonra de sgrìobhadairean, deasaichean, eadar-theangairean agus luchd tarraing dheilbh.
‘S i Margaret Ann NicLeòid, dealbhaiche, an neach as fhaide a th’ air a bhith ag obair dhaibh, tha ise air còrr air 20 bliadhna a thoirt san dreuchd. Còmhla ri Agnes agus Margaret Ann, tha Donalda Riddle a tha a’ cumail rian air an oifis agus Anndra MacFhionghain a bhios a’ coimhead às-dèidh conaltradh agus margaidheachd.
Thuirt Agnes Rennie: “Chaidh Acair a stèidheachadh air sgàth `s nach robh duine eile a’ foillseachadh leabhraichean chloinne ann an Gàidhlig, mar a bha tachairt le mion-chànanan eile. `S e am Pròiseact Dà-chànanach an t-sradag a chur a dhol e, ach cha robh e fada a’ tighinn am follais nach robh gu leòr leabhraichean no stuth-teagaisg ann”

Opening hours
  • The Gaelic Books Council shop is open:
    9-5 Monday to Saturday

    Phone:

    +44 (0)141 337 6211
    Address:

    32 Mansfield Street, Glasgow G11 5QP

Uairean fosglaidh
  • Tha bùth Chomhairle nan Leabhraichean fosgailte:
    Diluain – Disathairne 9.00m – 5.00f

    Fòn:

    +44 (0)141 337 6211
    Seòladh:

    32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP


Comhairle nan Leabhraichean | The Gaelic Books Council © 2017 . Dealbhachadh an làrach-lìn le Fraser Web Design. Logo Design by GRAFICANNA

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: