DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2016 - LUCHD-GLÈIDHIDH NAN DUAISEAN

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2016 - LUCHD-GLÈIDHIDH NAN DUAISEAN

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek 2016 airson Leabhar na Bliadhna a bhuileachadh air Pàdraig MacAoidh agus Iain S. Mac a’ Phearsain, deasaichean An Leabhar Liath (Luath Press, ri thighinn), aig cuirm shònraichte aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd an Glaschu air Diardaoin 6 Dàmhair. Leis a’ chuirm air a cumail air Latha Nàiseanta na Bàrdachd, bha e iomchaidh gun deach a’ phrìomh dhuais gu leabhar mu bhàrdachd a tha, a rèir nam britheamhan, “neo‑àbhaisteach, eirmseach, inntinneach, agus aig amannan èibhinn”.

Mar thoradh air maoineachadh o Bhòrd na Gàidhlig, chaidh leudachadh a thoirt air an fharpais, le dithis sgrìobhadair eile a’ dol dhachaigh le duaisean. Bha Sandaidh NicDhòmhnaill Jones anns an dàrna àite leis a’ chiad cruinneachadh bàrdachd aice, Crotal Ruadh (Acair, 2016), agus b’ ann air Seonag Monk a chaidh an treasamh duais a bhuileachadh airson a’ chiad nobhail aice, Mil san Tì (Acair, ri thighinn).

Thuirt Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean, “Meal a naidheachd air luchd-glèidhidh nan duaisean. Tha e na thlachd uiread de sgrìobhadh Gàidhlig aig fìor àrd ìre a leughadh, agus tha a h‑uile duine a ghabh ùidh anns an duais bhliadhnail seo rim moladh.”

Bha an t-Ollamh Dòmhnall Meek fhèin an làthair airson nan duaisean a thoirt seachad.

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek a stèidheachadh le Comhairle nan Leabhraichean ann an 2010 le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig ùra agus sgrìobhadairean stèidhichte. Bha measgachadh de bhàrdachd, sgeulachdan goirid, ficsean do dh’inbhich, ficsean airson clann, dràma agus sgrìobhadh sgoilearach am measg nan tagraidhean am-bliadhna.

Dòmhnall Meek, Pàdraig MacAoidh (co-dheasaiche An Leabhar Liath), Dòmhnall Camshron (neach-labhairt nam britheamhan) agus Cathy NicDhòmhnaill (bean-an-taighe) - a dhìth san dealbh, Iain S. Mac a' Phearsain.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: