DUAISEAN NAN SGRÌOBHADAIREAN ÙRA 2017

DUAISEAN NAN SGRÌOBHADAIREAN ÙRA 2017

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba air dithis bhoireannach ainmeachadh mar luchd-glèidhidh Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2017.

’S iad na dithis a bhios a’ gabhail pàirt anns an sgeama brosnachaidh am-bliadhna, Mòrag Law, a dh’fhàs suas anns an Eilean Sgitheanach is a tha a-nis a’ fuireach ann an Siorrachd Rinn Friù agus a bhios a’ sgrìobhadh sgeulachdan goirid, agus Marion F. Mhoireasdan, bana‑bhàrd a rugadh am Barraigh ach a tha a-nis a’ fuireach an Uibhist a Deas. Bidh iad a’ leantainn sreath de sgrìobhadairean eile a shoirbhich air an sgeama, leithid Niall O’Gallagher, Maureen NicLeòid agus Seonaidh Charity, a tha uile air leabhraichean fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

Tha an iomairt leasachaidh seo, a thòisich ann an 2010, ag amas air prògram de thaic phroifeiseanta agus chùrsaichean trèanaidh a chur air dòigh do gach sgrìobhadair a bhios a’ gabhail pàirt. Thairis air a’ bhliadhna seo bidh cothrom aig Mòrag agus Marion a dhol an sàs ann am prògram a’ gabhail a-steach stiùireadh bho sgrìobhadairean stèidhichte, trèanadh airson an sgilean a leasachadh agus seachdain sgrìobhaidh aig Ionad Moniack Mhòr faisg air Inbhir Nis. Cuideachd, gheibh iad cothrom ùine a chur seachad cuide ri daoine eile aig an aon ìre nan cuid sgrìobhaidh agus an obair a leughadh gu poblach aig taisbeanadh sònraichte an Dùn Èideann.

Gheibhte tuilleadh fiosrachaidh mu Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra, còmhla ri earrannan dhen sgrìobhadh aig luchd-glèidhidh Dhuaisean 2017 air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean www.gaelicbooks.org agus air làrach-lìn Urras Leabhraichean na h-Alba www.scottishbooktrust.com.



A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: