TOSGAIRE ÒG AIRSON LEUGHADH GÀIDHLIG

TOSGAIRE ÒG AIRSON LEUGHADH GÀIDHLIG

Tha Comhairle nan Leabhraichean air Linda NicLeòid ainmeachadh mar Thosgaire Òg airson Leughadh Gàidhlig. Bidh Linda a’ togail air an iomairt Leugh is Seinn le Linda, gus clann òg a bhrosnachadh gu bhith ag èisteachd ri sgeulachdan agus tlachd fhaighinn bho leabhraichean Gàidhlig.

Tha Linda NicLeòid air cliù a chosnadh dhi fhèin mar sheinneadair agus tha i ri faicinn tric air BBC Alba ag aithris phrògraman ciùil agus a’ draibheadh chàraichean spaideil air a’ phrògram, Air an Rathad.

Thuirt Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean:

“Bidh Linda a’ tadhal air sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd gus seiseanan leughaidh làn spòrs agus òrain a lìbhrigeadh. Bidh i a’ taisbeanadh leabhraichean Gàidhlig, a’ seinn agus a’ leughadh sgeulachdan dhan chloinn agus a’ brosnachadh phàrantan gu bhith a’ leughadh leabhraichean Gàidhlig aig an dachaigh. Tha àrainneachd le farsaingeachd de sgeulachdan agus leabhraichean Gàidhlig uabhasach fhèin cudromach airson comas labhairt agus beartais cainnt clann òg a neartachadh. Bidh Linda sònraichte math mar Thosgaire Òg Leughaidh oir tha Gàidhlig agus guth brèagha aice agus tha i cho beothail air beulaibh clann òga.”

Thuirt Linda, “Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Chomhairle nan Leabhraichean airson a leithid de dh'urram a bhuileachadh orm, ’s tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ lìbhrigeadh barrachd sheiseanan Leugh agus Seinn le Linda air feadh na dùthcha. Tha leabhraichean air leth cudromach agus cuideachail do chlann òga ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha e na thlachd dhòmhsa a bhith gam brosnachadh gus a bhith ag èisteachd ri diofar sgeulachdan agus a’ leughadh cuideachd. Tha sinn air leth fortanach gu bheil pailteas leabhraichean chloinne rim faighinn air iomadh cuspair an-diugh agus tha mi an dòchas gun tog na seiseanan seo ùidh na cloinne bige agus am pàrantan, gus gum bi iad fhèin a’ leughadh agus ag ionnsachadh aig an dachaigh.”

 

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: