DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2017

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2017

Tha Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson farpais Duais Dhòmhnaill Meek 2017. Chuireadh an duais seo air chois le taic-airgid bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig ùra agus stèidhichte.

A rèir Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean,

"Tha a h-uile duine aig Comhairle nan Leabhraichean air leth toilichte gu bheil ùidh mhòr aig sgrìobhadairean Gàidhlig anns an fharpais bhliadhnail chudromach seo agus gu bheil an àireamh de thagraidhean a’ dol an-àirde bliadhna às dèidh bliadhna. Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek a leudachadh an-uiridh agus chaidh duaisean litreachais a bhuileachadh aig tachartas snasail ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu. Thathar an dòchas togail air soirbheachas oidhche nan duaisean am-bliadhna agus bhithinn an dòchas gum faighear measgachadh math de thagraidhean a-rithist.”

Chaidh sianar ainmeachadh air gèarr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2016, agus chaidh a' phrìomh dhuais a buileachadh air Pàdraig MacAoidh agus Iain S. Mac a’ Phearsain airson An Leabhar Liath, sgrùdadh air 500 bliadhna de bhàrdachd gaoil agus drabastachd. Choisinn Sandaidh NicDhòmhnaill Jones an dàrna duais airson a’ chiad chruinneachadh dhen bhàrdachd aice, Crotal Ruadh, agus b’ e Seonag Monk a choisinn an treas duais airson Mil san Tì, a’ chiad nobhail a tha i air sgrìobhadh do dh’inbhich. Rinn na britheamhan luaidh mòr air na sgrìobhadairean a fhuair air a’ gheàrr-liosta.

Faodar tagradh, ann an Gàidhlig na h-Alba, a chur a-steach sna gnèithean a leanas ron cheann-latha gu h-ìosal:

  • Sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig - bàrdachd, sgeulachdan, nobhail no dràma - a bhios aig meudachd leabhair, no faisg oirre
  • Rosg eile sa Ghàidhlig, aig meudachd leabhair no faisg oirre
  • Sgrìobhadh cruthachail do chloinn no do dh’inbhich òga sa Ghàidhlig, aig meudachd leabhair no faisg oirre

Chan fhaodar sgrìobhadh a tha ann an clò mar-thà no a bhios foillsichte ron cheann-latha dùnaidh a chur a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek. Chan fhaodar pìos sgrìobhaidh a chaidh a chur a-steach airson na duais roimhe a chur a-steach a-rithist ann an cruth sam bith

Faodar an sgrìobhadh a chur a-steach gu h-eileagtronaigeach gu rosemary@gaelicbooks.org  ro 17.00 air Dihaoine 28 Giblean 2017.

Thèid an geàrr-liosta fhoillseachadh aig toiseach na Sultaine agus thèid na duaisean a thoirt seachad aig tachartas sònraichte ann an Glaschu san Dàmhair 2017.

Faodar ceistean a chur gu Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean air 0141 337 6211.

Gur math a thèid leibh!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: