Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2017 - Na Sgrìobhadairean

Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2017 - Na Sgrìobhadairean

Mòrag Law

Mòrag Law

Chaidh Mòrag Law a togail anns an Eilean Sgitheanach is tha i a-nis a’ fuireach ann an Kilbarchan an Siorrachd Rinn Friù. Tha i air a bhith an sàs ann an sgrìobhadh cruthachail, an dà chuid Gàidhlig agus Beurla, airson iomadach bliadhna is tha ceanglaichean dlùth aice ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Chaidh a foillseachadh an toiseach anns an iris Cothrom is nochd aon de na sgeulachdan goirid aice bho chionn ghoirid anns an iris Ghàidhlig ùir, STEALL. Tha ùidh shònraichte aig Mòrag ann a bhith a’ cruthachadh ficsean Gàidhlig a bhios nas fhosgailte do luchd-ionnsachaidh a’ chànain, is tha i toilichte gun toir an duais cothrom dhi sin a dhèanamh.

Cliog an seo airson earrann bho aon de na sgeulachdan goirid aig Mòrag.


Marion F. Mhoireasdan


Marion F. Mhoireasdan

’S ann am Barraigh a rugadh Marion F. Mhoireasdan is tha i a‑nis a’ fuireach ann an Uibhist a Deas. Gus an do leig i seachad a dreuchd mar neach-teagaisg ann an Sgoil Lìonacleit, cha robh i a’ faighinn mòran ùine airson a bhith a’ sgrìobhadh, ged a chaidh pìosan bàrdachd leatha fhoillseachadh dà thuras ann an New Writing Scotland. Gu ruige seo, tha Marion air a bàrdachd a leughadh aig buidhnean-obrach Ceòlas ann an Uibhist agus aig cèilidhean bàrdachd anns a’ choimhearsnachd. Tha i fìor thoilichte an duais fhaighinn leis gun toir e dhith cothrom barrachd sgrìobhaidh a dhèanamh agus a bhith am measg luchd-sgrìobhaidh eile.

Cliog an seo airson eisimpleir dhen bhàrdachd aig Marion.



A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: