Cothroman do Sgrìobhadairean

Sgrìobhadairean

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri sgrìobhadairean Gàidhlig le bhith a’ roinn taic maoineachaidh tro thabhartasan barantais. Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean ach gheibhte comhairle agus stiùireadh bhuainn a thaobh an ath cheum airson leabhar fhaighinn ann an clò.

Bithear a’ gabhail ri iarrtasan ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt), agus thathar a’ dèiligeadh ri nan tagraidhean taobh a‑staigh raoin-ama ainmichte.  Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois.

Comataidh nan Tabhartas

’S e Comataidh nan Tabhartas a bhios a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh nan tagraidhean a gheibh taic agus an ìre de mhaoin a bhios air a shònrachadh. Tha buill na comataidh air an tarraing bho Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson 2017-18 ’s iad buill Chomataidh nan Tabhartas Una NicDhòmhnaill, Ceitidh Mhoireach agus an Dr Sìm Innes.

Cinn-latha

An ath cheann-latha airson iarrtasan: 16 Ògmhios 2017 (airson coinneamh an Lùnastail)

An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: 10 Cèitean 2017

Tuilleadh fiosrachaidh  - Tabhartasan Barantais

 

Chaidh seo ùrachadh air 20 Màrt 2017

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: