Ficsean 50 Facal

Farpais Ficsean 50 Facal




Tha farpais Ficsean 50 Facal an Lùnastail le Urras Leabhraichean na h-Alba a-nis fosgailte is thathar a’ sireadh sgeulachdan Gàidhlig mu dheidhinn crudha eich ann an suas ri 50 facal.
Ceann-latha: 29 Lùnastal 2017.

Deiseil? Deònach? Sgrìobh!


Anns an Ògmhios, b' e Robbie Anndra MacLeòid a bhuannaich farpais Ficsean 50 Facal le Urras Leabhraichean na h-Alba airson sgeulachd Ghàidhlig. B’ e an dùbhlan a chaidh a chur mu choinneamh sgrìobhadairean, sgeulachd stèidhichte ann an coille sheunta a sgrìobhadh ann an dìreach 50 facal. Meal do naidheachd, Robbie, an dòchas gun còrd an duais bho Chomhairle nan Leabhraichean riut!

Agus seo an sgeulachd aig Robbie:

Dh’fhairich i a cas a’ pronnadh an damhain-allaidh.
'Ìochd...'
Nuair a thog i ceann, bha craobhan na coille air cromadh os a cionn mar cheudan casan corp damhain-allaidh. Dhòirt sùgh sìos gach crann, na duilleagan dearga, dearga mar neòil fhuilteach, ga falach fon speur.
Bha i air dol fada ceàrr.


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: