Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra

Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra

Gach bliadhna bidh Comhairle nan Leabhraichean, an com-pàirteachas le Urras Leabhraichean na h-Alba, a’ toirt cothrom do dhithis sgrìobhadair Gàidhlig ùr a bhith a’ gabhail pàirt ann am prògram brosnachaidh airson leasachadh a thoirt air an cuid sgilean.

Tha na Duaisean fosgailte do luchd-sgrìobhaidh Gàidhlig anns gach gnè – ficsean, rosg, bàrdachd is eile. Fon sgeama, gheibh an dithis sgrìobhadair taic-ionmhais luach £2,000 an urra, a bheir dhaibh cothrom ùine a chur seachad a’ sgrìobhadh. Thairis air bliadhna gheibh iad taic sònraichte, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte, trèanadh airson an sgilean a leasachadh no measadh proifeiseanta air an sgrìobhadh. Bidh cothrom aca cuideachd seachdain a chur seachad aig ionad sgrìobhaidh agus an cuid obrach a lìbhrigeadh air an àrd-ùrlar. 

**Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra dùinte do thagraidhean ùra an-dràsta. Bidh an sgeama a’ fosgladh a-rithist as t-Fhoghar 2017. **

 

Luchd-glèidhidh nan Duaisean

2010: Niall O’Gallagher (bàrdachd) & Ishi NicIlleathain (ficsean)

2011: Sandaidh NicDhòmhnaill Jones (bàrdachd) & Maureen NicLeòid (sgrìobhadh siubhail)

2012: Cairistìona Stone (rosg & ficsean cloinne) & Seonaidh Charity (ficsean)

2013: Iain Urchardan (ficsean) & Seònaid NicDhòmhnaill (ficsean)

2014: Calum MacLeòid (ficsean) & Steaphan MacRisnidh (ficsean)

2015: Greg MacThòmais (ficsean) & Mòrag Anna NicNèill (ficsean cloinne)

2016: Eòghan Stiùbhart (bàrdachd) & Jane NicLeòid (ficsean)

 

Le taic bho Urras Leabhraichean na h-Alba

 

Chaidh seo ùrachadh air 28 Samhain 2016

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: