Mu Ar Deidhinn

Mu Ar Deidhinn

Is e companaidh earranta le barantas a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a tha air a riaghladh le Meòrachan is Artaigilean a’ Chomainn fon cheann-latha 2 Iuchair 1996 agus air ath-ùrachadh air 23 Gearran 2011.

Chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh ann an 1968, agus tha còignear luchd-obrach làn-thìde aig a’ bhuidheann. Tha oifisean na Comhairle suidhichte aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa ann an Glaschu, le bùth-leabhraichean anns a bheil raon farsaing de leabhraichean, chairtean, chlàran-ciùil is DVDan sa Ghàidhlig agus co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. 'S e amasan na buidhne:

  • Taic a chur ri leasachadh air sgrìobhadh Gàidhlig.
  • Ùidh a bhrosnachadh ann an leabhraichean Gàidhlig agus ann an stuthan co-cheangailte eile.
  • Taic a chur ri ùghdaran Gàidhlig le bhith a’ buileachadh thabhartasan is bharantasan orra.
  • Taic a chur ri gnìomhachas foillseachaidh na Gàidhlig.
  • Raon, càileachd is buaidh litreachas na Gàidhlig a mheudachadh.

(OSCR: SC025026, Companies House: SC166766)

Tha Comhairle nan Leabhraichean moiteil a bhith na bhall air Caidreabhas Litreachais na h-Alba

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: