Am Bòrd-stiùiridh

Am Bòrd-stiùiridh

Tha Bòrd-stiùiridh a' chompanaidh carthannais Comhairle nan Leabhraichean / The Gaelic Books Council nan Urrasairean airson adhbhar lagh carthannais.

Tha buill a’ Bhùird air am fiathachadh gus cur a-steach airson na dreuchd tro shanasachd nàiseanta agus tha iad air an taghadh leis a' Chathraiche agus an Ceannard air bunait an cuid comais air luchd-obrach a chomhairleachadh, a thaobh mar as fheàrr obair a' charthannais adhartachadh. Tha buill a’ Bhùird air am fastadh airson trì bliadhna sa chiad àite, ach faodaidh iad frithealadh airson dà bhliadhna a bharrachd ma dh'aontaichear ris an sin gu h-aon-ghuthach. A thuilleadh air a' Chathraiche, air am bithear a' buileachadh saor-dhuais bhliadhnail mar aithne do na h-uallaichean a bharrachd co-cheangailte ris an dreuchd seo, chan eil buill a' faotainn pàigheadh ach a-mhàin cosgaisean siubhail is teachd-an-tìr.

Tha coinneamhan Comhairle / Bùird gan cumail ceithir tursan sa bhliadhna ann an co-rèir ri stiùiridhean Alba Chruthachail agus Bhòrd na Gàidhlig. Bidh fo-chomataidh (Comataidh nan Tabhartas) a' coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna gus dèiligeadh le iarrtasan bho ùghdaran agus foillsichearan a thaobh thabhartasan is bharantasan. Ged nach eil Comataidh Sgrùdaidh is Ìocaidh air a stèidheachadh, bidh na buill a' coileanadh ath-sgrùdadh tuarastail gach bliadhna a rèir Poileasaidh Pàighidh Riaghaltas na h-Alba agus bidh ionmhas na companaidh air ath-sgrùdadh aig coinneamhan a' Bhùird.

An-dràsta, ’s iad buill Bhòrd-stiùiridh Comhairle nan Leabhraichean mar a leanas:

  • Dòmhnall-Iain MacIlleDhuinn - Cathraiche
  • Seumas Caimbeul
  • Una NicDhòmhnaill
  • Ceitidh Mhoireach
  • An Dr Sìm Innes
  • Iain Mac a' Ghobhainn
  • Dòmhnall Camshron
  • Marion Nic na Ceàrdaich (Ex-officio)

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: